BAILE MEADHAN-AOISEIL

 

medival city events medieval city projects medieval city kids page medieval city teachers resouces medieval city image galleries medieval city links

    

 

 

Bho a thoiseach tòiseachaidh ann an 1119, agus a thogadh an Àrd-Eaglais air làrach a’ chiad eaglais aig an Naomh Kentigern gu bhith na chathair sgìre àrd-easbaigeach ann an 1492, tha eachdraidh fìor tharraingeach air a bhith aig Glaschu bho na meadhan-aoisean. Bha buaidh chudromach eaconamach aig ionad cràbhach meadhan-aoiseil Ghlaschu air leasachadh a’ bhaile.

 

Chaidh còir-sgrìobhte a chur a-mach le Rìgh Uilleam (an Leòmhann) eadar 1175 agus 1178, a’ toirt inbhe buirgh do Ghlaschu, agus còmhla ris, na còirean a bha aig buirgh a thaobh sealbh air fearann, air malairt agus fèille bhliadhnail a chumail, agus lean sin gu leudachadh air a’ bhaile mun cuairt air an Àrd-Eaglais. Gu ruig an 15mh linn, bha Glaschu air fàs gu bhith na bhaile soirbheachail agus na shlighe do thaistealaich, le inbhe a thaobh cudromachd creideamhach dìreach san dàrna h-àite ri Cill Rìmhinn.

 
Ach uaireannan, chan eil eachdraidh àrsaidh cho nochdte don neach-amhairc sa chiad shealladh.

 
Bha Glaschu sna meadhan aoisean a’ ruith bho abhainn Chluaidh, tro Mhargaid an t-Salainn agus an t-Sràid Àird suas gun Àrd-Eaglais. Tha leasachadh agus ath-nuadhachadh o chionn ghoirid san t-Sràid Àird air leantainn air adhart gu cladhach arc-eòlasail, a tha air mòran sheudan falaichte a thoirt am follais, a’ toirt dhuinn tuigse nas fheàrr air Glaschu mar bhorgh sna meadhan-aoisean.

 

Tha cruth-tìre meadhan-aoiseil thogalaichean leithid Caisteal an Easbaig, an t-seann Aitreabh Teagaisg, an Dubh ’s am Manadh Liath agus an t-Seann Cholaiste, a bha ceannasach air an t-Sràid Àird aig àm nam meadhan-aoisean air feadh nan ceudan de bhliadhnaichean, a-nis nan laighe fo ailtireachd Bhioctòirianach Ghlaschu agus leasachaidhean ùra.

 

Tha comas ann tadhal fhathast air ailtireachd meadhan-aoiseil a’ bhaile a tha air fhàgail, leithid Àrd-Eaglais Ghlaschu, Caisteal Crookston, Provands Lordship, Talla Phrobhain, Geata an t-Sròin is an Stìopall, agus aig an aon àm faodar am baile meadhan-aoiseil a tha falaichte a rannsachadh tro Mhapa Meadhan-aoiseil a’ Bhaile agus Sgeul Dà Bhaile (Tale of Two Towns).